Tekst piosenki
Tha mi sgith 's mi leam fhin buain a rainich, buain a rainich?
Tha mi sgith 's mi leam fhin buain a rainich daonnan?
Cul an tomain braigh an tomain
Cul an tomain bhoidhich,
Cul an tomain braigh an tomain
Huile latha m' onar.
'S tric a bha mi fhin 's mo leannan
Anns a' ghleannan cheothar
'G eisdeachd coisir bhinn an doire
Seinn 'sa' choille dhomhail;
Tha mi sgith 's mi leam fhin buain a rainich, buain a rainich?
Tha mi sgith 's mi leam fhin buain a rainich daonnan?
O na 'm faicinn thu a' tighinn,
Ruithin 'dhol 'nad chodhail,
Ach mur tig thu 'n so g' am shireadh,
Ciamar thilleas dochas?
Anns an t-sithean O gur gsith me;
'S tric mo chridh' 'ga leanoadh
Nuair bhios cach a' seinn nan luinneag,
Cha dean is' ach cronan
Tha mi sgith 's mi leam fhin buain a rainich, buain a rainich?
Tha mi sgith 's mi leam fhin buain a rainich daonnan?
'S bochd nach robh mi leat a rithist
Sinn a bhitheadh ceolmhor,
Racheainn leat gu cul na cruinne,
Air bharr tuinne seoladh.
Ciod am feum dhomh bhi ri tuireadh,
De ni tuireadh dhomhsa
'S mi cho fada o gach duine
B' urrainn tighinn g' am chomhnadh.
Tha mi sgith ' s mi leam fhin buain a rainich, buain a rainich?
Tha mi sgith ' s mi leam fhin buain a rainich daonnan?






